Basgais
'S e Basgais (Basgais: Euskara IPA: [eus̺kaɾa]) cànan nam Basgach a tha a' fuireach ann an Dùthaich nam Basgach, ceàrnaidh eadar ear-thuath na Spàinne is iar-dheas na Frainge. Tha i aig 25.7% dhe na Basgaich anns na roinnean-dùthcha air fad (665,800 a-mach à 2,589,600).[1] Tha 614,000 dhiubh a' fuireach air taobh na Spàinne de Dhùthaich nam Basgach is càch 51,800 air taobh na Frainge.[1]
Basgais | ||
---|---|---|
Far a bheil i 'ga bruidhinn |
| |
Luchd-labhairt iomlan |
665,800 | |
Teaghlach-chànan | ||
Siostam-litreachaidh | Laideann | |
'Ga riaghladh le | Euskaltzaindia | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | eu | |
ISO 639-2 | baq | |
ISO 639-3 | eus | |
Tha dùmhlachd luchd-bruidhinn as àirde ann am Bizkaia, Gipuzkoa, taobh tuath Nafarroa agus Lapurdi, Nafarroa Ìochdarach agus Zuberoa ann an iar Département Pyrénées-Atlantiques san Fhraing. Tha na Basgaich fhèin pailt air feadh gach aon dhe na seachd roinnean, a' gabhail a-steach Araba, ach cha do mhair an cànan anns a' mhòrchuid de dh'Araba, taobh an iar Bhizkaia is taobh a deas Nafarroa ged a tha i ag ath-shìoladh ann a-rithist an cois ath-bheòthachadh a' chànain.
Chaidh bun-tomhas cànain air a bheil Batua a chruthachadh leis an Euskaltzaindia ("Acadamaidh na Basgaise") aig deireadh nan 60an. Chaidh a bhrosnachadh anns na sgoiltean, ann an rianachd is ann am meadhanan na Basgaise an toiseach agus thathar ga cleachdadh gu mòr an-diugh.
A bharrachd air a' bhun-tomhas, tha sia prìomh dhual-chainntean ann, Bizkaiera, Gipuzkera, Nafarrera Uachdarach, Nafarrera Ìochdarach is Zuberera. Ged a tha iad seo air an ainmeachadh a-rèir ainmean nan roinnean, cha cho-ionnan sgìre nan roinnean is sgìrean nan dual-chainntean.
Ainmean a' chànain
deasaich'S e Euskara ainm oifigeach a' chànain (le grunn ainmean eile sna dual-chainntean eadar Euskuara, Eüskara, Uskara, Auskera, Üskaa is feadhainn eile mar sin). Tha dhà no trì teòraigean seasmhach ann an-diugh mu fhreumh an ainm.
Chaidh grunn bhonn a lorg on 1d is 2na linn AC ann an taobh a tuath na Spàinne air a bheil an t-ainm barscunes sgrìobhte ann an aibidil Ìbeireach ann an sgìre faisg air Iruña far an robh na Vascones a' fuireach san linn sin. Tha cuid ag argamaid gu bheil ceangal eadar am facal barscunes agus Vascones nan Ròmanach.
Tha na Basgaich fhèin a' cur euskaldunak (iolra) orra fhèin, o euskal (tionndadh ro-leasachail de Euskara) agus dun ("cuideigin aig a bheil rudeigin"); mar sin "cuideigin aig a' bheil Basgais".
Cuideachd, tha Alfonso Irigoyen ag argamaid gu bheil an t-ainm Euskara a' tighinn on ghnìomhair àrsaidh enautsi "abair", leis an leasachan -(k)ara "dòigh gus rudeigin a dhèanamh"; mar sin "an dòigh bruidhinn"). Tha aon rud ann a tha a' cur taic ris an teòraig seo agus sin leabhar air a bheil Compendio Historial, air a sgrìobhadh ann an 1571 leis an sgrìobhadair Bhasgach Esteban de Garibay far a bheil ainm a' chànain a' nochdadh mar enusquera.
'S e basque a bhitear a' cleachdadh san Fhraingis mar is trice ach tha barrachd ainmean ann san Spàinntis eadar el vasco, la lengua vasca no el euskera. Tha an dà chuid vasco is basque a' tighinn on ainm-sluaigh Laideann Vascones a tha e fhèin a' dol air ais dhan fhacal Ghreugais ουασκωνους (ouaskōnous), ainm-sluaigh a chleachd Strabo.[2]
Tha ainm eile ann sa Spàinnis nach eilear a' cleachdadh gu tric tuilleadh, Vascuence, on Laideann vasconĭce,[3] ach thog an t-ainm sinn droch bhlas thairis air na linntean 's cha toigh leis na Basgaich e idir. Tha e a' dol air ais dhan 14mh linn air a' char as lugha ge-tà, le lagh à Huesca ann an 1349 ag ràdh Item nuyl corridor nonsia usado que faga mercadería ninguna que compre nin venda entre ningunas personas, faulando en algaravia nin en abraych nin en basquenç: et qui lo fara pague por coto XXX sol - ag ràdh gu bheilear a' cur càin 30 sol air bruidhinn na h-Arabais, Eabhra no Vascuence (Basgais) air margaidean ann an Huesca.
Eachdraidh is seòrsachadh
deasaichGed a tha Cànain Ròmanach Innd-eòrpach ceithir timcheall a' chànain, 's e cànan aonaranach a tha sa Bhasgais. 'S ise tè mu dheireadh de na cànain ro-Innd-eòrpach anns an Roinn Eòrpa a tha innte.[2] Air sgàth sin, cha gabh eachdraidh nam faclan sgrùdadh tron dòigh choimeasach ach a-mhàin tro coimeas nan dual-chainntean.
Chan eil làn fhios mu thùs a' chànain ach gun robh sinnsear dhith an lathair san Roinn Eòrpa an Iar ro thighinn nan cànan Innd-Eòrpach. Tha sgrìobhainnean Laideann ann an Aquitania a' nochdadh grunn fhaclan a tha glè fhaisg air na foirmean a chaidh an ath-chruthachadh airson proto-Bhasgais, mar eisimpleir na h-ainmean Nescato is Cison (neskato is gizon - "caileag" agus "fireannach" ann an Basgais an latha an-diugh). 'S e Aquitanais a chanar ris a' chànan seo a ghnàth agus thathar sa bheachd gun robh i san sgìre ro cheannsachadh Iberia leis na Ròmanaich.
On nach robh ùidh mhòr aig na Ròmanaich ann an sgìrean beanntach Aquitania 's iad dèidheil air an talamh rèidh, chaidh aig a' chànan mairsinn beò fhad 's a bhàsaich na cànain eile mar Ibeiris is Tartesis. Gahbh a' Bhasgais ri iomadh facal-iasaid tro eadar-mhalairt leis na cànain mun cuairt oirre, a' tòiseachadh le Laideann, an uairsin Gasconais san ear-thuath, Fraingis, Spàinntis is an-diugh fiù Beurla.
Beachd-bharailean air ceanglaichean ri cànain eile
deasaichA chionn 's nach b' urrainn do sgoilearan an cànan a cheangal ris na cànain Innd-Eòrpach eile, thug iad sùil na b' fharsainge mun cuairt. Am measg iomadh faoin-bheachd, tha feadhainn ann a tha nas saidheansail ach a dh'aindeoin sin, cha deach teòraig shaidheansail sam bith a stèidheachadh a fhuair aonta farsain gu ruige seo agus tha a' mhòrchuid dhiubh ro-chonnspaideach fhathast agus thathar a' coimhead air a' chànan mar fhear aonaranach fhathast.
Tha grunn rudan ann a tha car coltach san Ìbeiris, cànan àrsaidh eile air leth-eilean Hiospàineach, agus Aquitanais. Ge-tà, chan urrainnear fhathast a ràdh le cinnt an e ceanglaichean ginteil a bha ann. Chan eilear cinnteach fhathast dè an teaghlach a bhuineas Ìbeiris fhèin dha.
Seo cuid dhe na ceanglaichean a bhathar gan cur nar sùilean nach eilear a' cur cus creidsinn ann tuilleadh:
- A chionn 's gun robh Rìoghachd Ìbeireach anns na Beanntan Cabhcasach aig àm, shaoil cuid gum biodh ceangal ann eadar a' Chairtbheilis agus a' Bhasgais. Chaidh seo a' stèidheachadh air leasachain mar -adze ann an aimnean-àite ach chan eilear a' toirt taic ris an teòraig seo tuilleadh ged a tha cuid dhe na sgoilearan iomallach a' cur taic ri ceanglaichean ri cànain Chabhcasach mar Nokhchi fhathast.
- Tha cuid dhe na cànanaichean mar John Bengtson a' cur taic ri rud air a bheil an t-uile-theaghlach Dene-Cabhcasach, a' cur nar sùilean gu bheil ceangal ann eadar a' Bhasgais agus teaghlaichean-cànain san Roinn Eòrpa is ann an Aimearaga a Tuath ach tha fiù an t-uile-theaghlach Dene-Cabhcasach fhèin ro chonnspaideach.[2]
- Tha an cànanaiche Gearmailteach Theo Vennemann a' cur nar sùilean gu bheil fo-bhreath basgonach ri fhaicinn ann an ainmean-àite na Roinn Eòrpa air sgàth seann sluagh basgonach a bha na shinnsear dhan Bhasgais.[4] Ach a-rithist, chan eil a' mhòrchuid dhe na sgoilearan Basgach a' gabhail ri seo.[2]
Làithreachd a' chànain
deasaichChrìon àireamh nan sgìrean far a bheilear a' bruidhinn Basgais thairis air na linntean agus tha e nas lugha na meud na dùthcha ris an can na Basgaich Euskal Herria no "Dùthaich na Basgaise". Tha gu h-àraid ainmean-àite a' sealltainn dhuinn gun robh an roinn far an robhar ga bruidhinn fada na bu mhotha roimhe, gu h-àraid air taobh an ear nam Beanntan Pirineitheach. Mar eiseimpleir, tha ainm Gleann Aran, àite ann an Catalunia far a bheilear a' bruidhinn Gasgonais an-diugh, stèidhichte air facal Basgais haran "gleann".
Bha sgìre a' chànain a' fàs fad greis aig àm an Reconquista nuair a ghairm na tighearnan crìosdaidh air muinntir taobh tuath na Spàinne - na Basgaich is na h-Asturaich na raointean a thuineadh a bhuannaich iad o na Muslamaich. Ach ged a bha an cànan na chainnt làitheil cuid mhòr dhen t-sluaigh, 's e Spàinnis, Gasgonais, Frangais no Laideann a bhathar a' cleachdadh san rianachd is ann am foghlam.
Chrìon a' Bhasgais gu grad ann an Araba is Nafarroa sna 1800an. Ge-tà, am cois èirigh nàiseantachais Bhasgaich is dàn a' chànan an teis meadhan na h-iomairt 's i na prìomh chomharra nàiseantachd ann an sùilean nan daoine, thill ann cànan am measg na feadhainn òga ann an sgìrean mar Araba, anns na h-Encartaciones is cuid de Nafarroa.
Inbhe oifigeach
deasaich'S Laideann, Spàinnis agus an Fhrangais na cànan aig an robh inbhe oifigeach gu eachdraidheil air feadh Dùthaich nam Basgach. Ge-tà, bha seòrse de dh'inbhe aig a' Bhasgais ann an cuid de na sgìrean. Mar eisimpleir, bha cairt ionadail ann an gleann Ojacastro far an robh Basgais ann aig àm ged a tha e san La Rioja an-diugh a thug cead do na Basgaich an cànan a chleachdadh ann am pròiseasan laghail san 13mh is 14mh linn.
Tha inbhe co-oifigeach aig a' chànan sa Choimhearsnachd Fhèin-riaghlaidh Bhasgach agus cuid dhe na sgìrean ann an Nafarroa. Chan eil inbhe oifigeach aig a' chànan anns an Fhraing fhathast agus chan urrainnear a chleachdadh anns na cùirtean a bharrachd. Gu h-annasach, tha cead aig Basgaich Spàinnteach an cànan a chleachdadh sna cùirtean san Fhraing a chionn 's gu bheil e na chànan oifigeach air taobh eile na crìche.
Tha rianachd gach roinne a' brosnachadh a' chànain aig ìre eadar-dhealaichte. Thathar ga bhrosnachadh gu làidir sa Choimhearsnachd Fhèin-riaghlaidh ach gu fann san Fhraing. Tha an taic a gheibh an cànan ann an Nafarroa a' crochadh air dè an roinn dhen dùthaich sa bheilear. Stèidhich riaghaltas Nafarroa roinntean eadar-dhealaichte - roinn Bhasgach san tuath, roinn bhreac ann am meadhan na dùthcha is roinn neo-Bhasgach san deas leis an "Ley de Vascuence" ("Lagh na Basgais"), rud a tha air leth connspaideach am measg nam Basgach.
Àireamhan luchd-labhairt
deasaichSheall an t-Suirbhidh Shòiseo-chànanach 2006 de gach ceàrn dhen dùthaich na leanas am measg an t-sluaigh os cionn aois 16:[1]
- bha 30.1% fileanta sa chànan sa Choimhearsnachd Fhèin-riaghlaidh, 18.3% nan labhraichean fulangach cha robh i aig 50.5% dhen t-sluaigh. Bha an ceudad a b' àirde ann an Gipuzkoa (49.1% de labhraichean) agus an ceudad a b' ìsle ann an Araba (14.2%). Seo meudachadh an coimeas ris na bliadhnaichean a dh'fhalbh (29.5% ann an 2001, 27.7% ann an 1996 is 24.1% ann an 1991). Tha an ceudad as àirde de labhraichean sa bhann aoise 16-24 a-nis (57.5%) an coimeas ri 25.0% sa bhann 65+.
- bha 22.5% nan labhraichean fileanta ann an Iparralde, 8.6% nan labhraichean fulangach is 68.9% gun Bhasgais. Bha an ceudad a b' àirde ann an Lapurdi is Zuberoa (55.5%) agus a b' ìsle anns an sgìre bhailteil Bayonne-Anglet-Biarritz (8.8%). Seo ìsleachadh eile an coimeas ris na seann àireamhan (24.8% ann an 2001 is 26.4 ann an 1996). Bha an ceudad a bu mhotha sa bhann aoise 65+ (32.4%) agus an ceudad a b' ìsle sa bhann 25-35 (11.6%). Ge-tà, bha àrdachadh beag sa bhann 16-24 - (16.1%).
- bha 11.1% nan labhraichean fileanta ann an Nafarroa, 7.6% nan labhraichean fulangach is bha 81.3% gun Bhasgais. Bha an ceudad a bu mhotha san "Raon Bhasgach" anns an taobh a tuath (60.1%) agus an ceudad a b' ìsle san "Raon Neo-Bhasgach" (1.9%) san taobh a deas. Seo àrdachadh beag an coimeas ris na h-àireamhan roimhe (10.3% ann an 2001, 9.6% ann an 1996 is 9.5% ann an 1991). Tha an ceudad as àirde de labhraichean sa bhann aoise 16-24 a-nis (19.1%) an coimeas ri 9.1% sa bhann 65+
Còmhla, bha 665,800 duine ann aig an robh Basgais ann an 2006 (aois 16 is na bu sine) a-mach à sluagh iomlan de 2,589,600 (1,850,500 sa Choimhearsnachd Fhèin-riaghlaidh, 230,200 ann an Iparralde agus 508,900 ann an Nafarroa). Sin 25.7% de labhraichean dà-chànanach, 15.4% de labhraichean fulangach is 58.9% de dhaoine gun Bhasgais. Sin piseach air àireamhan 1991 o 528,500 (a-mach à sluagh de 2,371,100 ann an 1991) gu 665,800 (ann an 2006)[1]
Dual-chainntean
deasaichTha sgaradh mòr eadar dual-chainntean an latha an-diugh agus tha e doirbh do dhaoine aig a bheil diofar dual-chainntean tuigsinn a chèile uaireannan mur eil Batua aca. Tha sinn gu h-àraid fìor mu dhual-chainnt Zuberoa a tha gu math eadar-dhealaichte o chàch.
Tha eadar 6[5] is 9[2] dual-chainntean air an sgaradh mar is trice:
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 IV. Inkesta Soziolinguistikoa Gobierno Vasco, Servicio Central de Publicaciones del Gobierno Vasco 2008, ISBN 978-84-457-2775-1
- ↑ 2.0 2.1 2.2 2.3 2.4 Trask, L. The History of Basque Routledge: 1997 ISBN 0-415-13116-2
- ↑ “Diccionario de la lengua española”. Real Academia Española. Air a thogail 22mh dhen t-Samhain 2008.
- ↑ Theo Vennemann homepage
- ↑ Pagola, Rosa Miren. 1984. Euskalkiz Euskalki. Vitoria-Gasteiz: Eusko Jaurlaritzaren Argitalpenak.