Jimmy Reid
B’ e Seumas "Jimmy" Reid (9 an t-Iuchar 1932 gu ruige 10 an Lùnasdal 2010)[1] ball aonaidhean-ciùird, òraidiche, neach-poileataigs agus neach-aithris Albannach, a rugadh ann am Baile a' Ghobhainn, Glaschu.[2] Thug e deagh chliù air feadh an t-saoghail mar neach-ghairm agus ceannard nuair a ghabh na luchd-obrach os làimh gàrraidhean-shoithichean aig Upper Clyde Shipbuilders eadar an t-Ògmhios 1971 agus an Dàmhair 1972. An uair sin bha e an sàs mar Reachdadair Oilthigh Ghlaschu[3] agus mu dheireadh thall bha e na fhear-aithris is na chraoladair. Dh’fhàg e Pàrtaidh nan Comannach airson Pàrtaidh Làbarach na h-Alba[4] mus a bhith na bhall Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.[5] Bha Reid dhen bheachd gu robh Neo-eisimeileachd na h-Alba agus Sòisealachd air an aon ràmh. Chaochail e ann an 2010 an dèidh a bhith tinn fad mìosan.
Jimmy Reid | |||
---|---|---|---|
1958 - 1964 | |||
Beatha | |||
Breith | Baile a' Ghobhainn, 9 dhen Iuchar 1932 | ||
Dùthaich | Alba | ||
Bàs | Grianaig, 10 dhen Lùnastal 2010 | ||
Foghlam | |||
Cànain | Beurla | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-naidheachd, neach-poileataigs agus ball aonaidh-chiùird | ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach |
Am Pàrtaidh Làbarach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba Communist Party of Great Britain (en) |
Iomraidhean
deasaich- ↑ BBC
- ↑ “About Jimmy Reid”. The Jimmy Reid Foundation. Air a thogail 3s dhen Lùnasdal 2016.
- ↑ Glasgow University
- ↑ Labour Uncut
- ↑ Scottish National Party[dead link]