Löb Carlburg
B' e rabaidh agus neach-teagaisg às An Ungair/A'Ghearmailt a bh' ann an Yehuda Löb Carlburg (Eabhra:, יהודה לייב קארלבורג, Nagyenyed, 1765 - Krefeld 20 an Gearran 1835).[1] Rugadh agus thogadh e ann an Transsilvania a bha na phàirt Rìoghachd Habsburgach na h-Ungaire aig an àm.[2] B' e a' chiad phrìomh rabaidh a-riamh air an Consistoire Iùdhaich san sgìre mu timcheall air Krefeld. B' e mac Mharcus (Mordechai) agus Esther Carlburg a bh' ann. Chaidh e gu grunn sgoiltean Talmud. Bha e na oileanach fo Mheier Barby ann am Bratislava agus fo Nathan Adler ann am Frankfurt. Fhuair e rud beag foghlam cuideachd anns na sgoiltean Iùdhaich ann am Pràg agus Berlin. A' tòiseachadh ann an 1793, chuir e seachad bliadhnaichean ag obair mar neach-teagaisg prìobhaideach, mar eisimpleir ann am Bonn ann an taigh Susman Moses Kaufmann.[3] An sin ionnsaich e fhèin Laideann agus Greugais agus dhèilig e ri feallsanachd agus rannsachadh cànain Arabais, Caldein agus Siriais. Ann an 1803 chaidh ainmeach mar an dàrna rabaidh ann am Bonn. Trì bliadhna an dèidh sin, ann an 1806 fhuair e cuireadh chun Sanhedrin mòr ann am Paris, ach cha b' urrainn dha a bhith an làthair leis gu robh galar sùla air. Às deidh sin dh'fhàs e dall ann an aon sùil. Air 9 am Màrt 1809 chaidh a thaghadh mar phrìomh rabaidh ann an Krefeld a bhathar dìreach a stèidheachadh às ùr. Thachair sin fo lagh a chuir Napoléon Bonaparte air bhonn a thug stèidheachadh reachail dha na coimhearsnachdan Iùdhach anns na dùthchannan a bha fo bhuaidh na Frainge.[4] Air 13 an Giblean 1809 thug e a bhòid san dreuchd. Nuair a thòisich e san dreuchd air 26 an Cèitean 1809, stèidhich e an sionagog aig an aon àm. Chaidh a thogail ann an 1764 agus chaidh ath-thogail, le naomh-chobhan Torah ùr. Ann an 1810, bha 160 Iùdhach a' fuireach ann am 20 dachaigh ann an Krefeld. Chuir e seachad 25 bliadhna ann an Krefeld gus na chaochail e ann an 1835.[5]
Löb Carlburg | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Alba Iulia, 1765 |
Bàs | Krefeld, 20 dhen Ghearran 1835 |
Dreuchd | |
Dreuchd | rabbi (en) |
Àitichean-obrach | Krefeld agus Bonn |
Creideamh | |
Creideamh | Iùdhachd |
Iomraidhean
deasaich- ↑ Michael Brocke agus Julius Carlebach, Biographisches Handbuch der Rabbiner. Teil 1: Die Rabbiner der Emanzipationszeit in den deutschen, böhmischen und großpolnischen Ländern 1781–1871. K·G·Saur, München, 2004.
- ↑ Kann, Robert A. A History of the Habsburg Empire: 1526–1918, University of California Press, Berkeley, 1974.
- ↑ A. Geiger, Wissenschaftliche Zeitschrift für jüdische Theologie, Verlag Johann David von Gauerländer, Frankfurt, 1835.
- ↑ Cilli Kasper-Holtkotte: Jüdischer Kultus in napoleonischer Zeit. Aufbau und Organisation der Konsistorialbezirke Krefeld, Koblenz/Bonn, Trier und Mainz (= Aschkenas. Beiheft 2). Böhlau, Köln u. a. 1997, ISBN 3-205-98687-3.
- ↑ WDZ