Elie Wiesel
B' e neach-aithris, ollamh, neach-iomairt, eadar-theangair agus sgrìobhadair à Romàinia a bh' ann an Elie Wiesel (ainm slàn: Eliezer Wiesel, Eabhra: אֱלִיעֶזֶר וִיזֶל, Sighet, 30 an t-Sultain 1928 - Eabhraig Nuadh, 2 an t-Iuchar 2016. Thogadh e ann am baile meadhannach ann am Maramureş ann an teaghlach Iùdhach bochd: bha athair na cheannaiche. Bha coimhearsnachd Iùdhach uabhsach fhèin làidir ann an Sighet aig an àm: bha 11,026 Iùdhaich nan tàmh sa bhaile ann an 1920. Thug athair miseanachadh dha gun ionnsaicheadh e Eabhra agus gun gabhadh e ri daonnaireachd. Chruthaich A' Ghearmailt Nàsach Ghetto Iùdhach an an Sighet mar phàirt an Uile-losgaidh ann an 1944 agus chuireadh an teaghlach Wiesel gu KZ Auschwitz-Birkenau, far a do rinneadh murt orra.[1] B' e dìreach Elie agus triùir peathraichean a bha air fhàgail aig deireadh a' Chogaidh.[2] Chaidh e dhan Fhraing le taic bho OSE agus mu dheireadh thall thug e ceum ann on Sorbonne. Chuir e seachad bliadhnaichean ag ionnsachadh Eabhra agus ag obair mar cho-sgrìobhaiche air pàipearan-naidheachd mar Tsien in Kamf, L'Arche agus Yedioth Ahronoth. Bhuannaich e an Duais Nobel airson Sìthe ann an 1986.[3]
Obair
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Randolph L. Braham, The Politics of Genocide: The Holocaust in Hungary. Wayne State University Press, 2000, ISBN 0814326919
- ↑ Pop, Gheorghe T. - Caracterul antinațional și antipopular al activității Partidului Național Creștin, editura Dacia, Cluj-Napoca, 1978.
- ↑ Duais Nobel