Kabul
'S e prìomh-bhaile Afganastain a tha ann an Kābul (Cànan Farsaidh: کابل). 'S e am baile as motha ann an Afganastan cuideachd agus 3,043,589 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin anns a’ bhliadhna 2005.[1] Mar sin dheth tha e na chridhe mhalairteach ‘s chultarach den dùthaich. Tha e suidhichte air bruach na h-Aibhne Kabul ann an gleann caol anns an ruith-bheanntan Hindu Kush. Tha Kabul nas sine na 3000 bliadhna. Canar gun deach am baile a stèidheachadh eadar 2000 RC agus 1500 RC.[2] Bha mòran cogaidhean ann air sgath 's gu bheil Kabul suidheachte air rathad malairteach cudthromach eadar Àisia-a-Deas agus Meadhan Àisia.
Kabul
Cur air cois | 1200 |
---|---|
Ainm dùthchasach | کابل |
Ainmichte às dèidh | Kabul River |
Dùthaich | Afghanastàn |
Prìomh-bhaile de | Afghanastàn, Kabul, Kabul District |
Sgìre riaghaltais ionadail | Kabul District, Chagatai Khanate |
Roinn-tìde | UTC+04:30 |
Faisg air an uisge | Kabul River |
Domhan-leud is -fhad | 34°31′58″N 69°9′57″E |
Ceannard an riaghaltais | Hamdullah Nomani |
Baile-céile | Ancara, Kazan, Omaha, Kansas City, Istanbul |
Present in work | Civilization V |
History of topic | history of Kabul |
Roinn-seòrsa an deilbh | Category:Views of Kabul |
Category for maps | Category:Maps of Kabul |
Gailearaidh
deasaich-
Beanntan Kabul
-
Kabul
-
Dùn Bala Hissar ann an Kabul
Iomraidhean
deasaich- ↑ Statoids, fiosrachadh mu Afganastain
- ↑ Eachdraidh Afganastain, Ghandara.com website