Karlskrona
Karlskrona
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Blekinge | ||||
Sgìre | Blekinge län | ||||
Co-chomharran | 56° 09 39′ Tuath 15° 35 10′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 21.72 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 35,212 (2010) | ||||
Dlùths | 1,621.18/km² | ||||
Àireamh fòn | (+46) 0455 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.karlskrona.se/ |
‘S e baile meadhanach agus port na Suaine a th’ ann an Karlskrona (IPA: kɑːɭsˌkruːna). Tha e suidhichte air an àirde an ear-dheas na dùthcha air feadh 30 eilean san innis-mhuir Bhelkinge, ri taobh na Mara Bhaltaich eadar Kalmar agus Malmö,[1] anns an sgìre Blekinge län,[2] 382km air falbh bho Stockholm, prìomh-bhaile na dùthcha, 429km bho Uppsala agus 279km bho Ghöteborg. Tha 35,212 duine a' fuireach ann.[3] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1680.
Freumhan an ainm
deasaichGed nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à krona (Gàidhlig: crùn) agus Karl (Teàrlach) ann an Suainis a tha an t-ainm.[4] Bheireadh sin Crùn Theàrlaich dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile a stèidheachadh ann an 1680 leis an rìgh Karl XI na Suaine mar Bhunait a' Chabhlaich leis gur robh an Danmhairg air sgìrean mòra ann an Skåne a thoirt air falbh bhon t-Suain agus mar sin bha an Danmhairg na chunnart do chumhachd na Suaine ann an Lochlann agus sa Mhuir Bhaltach.[5] A bharrachd air sin, bha deigh na trioblaid dhan Chabhalach fad na geamhraidh shuas ann an Stockholm. Chaidh ainmeachadh an dèidh a’ bhaile Landskrona faisg air Malmö. Chaidh gàrradh-shoithichean a thogail an seo agus ann an 1711 bha corr is mìle duine ag obair ann, an t-àite-obrach na bu mhotha na dùthcha aig an àm.[6] Ann an 1750 bha mu 10,000 duine a’ fuireach sa bhaile mar-thà. Ann an 1981, ghabh bàta-aigeil an Aonaidh Shobhiat air sgeir faisg air Karlskrona.[7]
Daoine ainmeil
deasaich- Bertram Schmiterlöw (1920 – 2002). Neach-ealain.[8]
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich