Sjálfstæðisflokkurinn
Sjálfstæðisflokkurinn | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 25 an Cèitean 1929 |
Luchd-stèidheachaidh | Sigurður Eggerz, Jón Þorláksson |
Àite-Stèidheachaidh | Reykjavík |
Beachd-smuainealas Eachdraidheil | Tòraidheachd |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Nua-libearalas |
Oifisean | Háaleitisbraut 1, 105 Reykjavík |
Cathraiche | Bjarni Benediktsson |
Suidheachain | 25/63 |
Riaghaltas | anns an riaghaltas a-nis |
'S e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bhios a' gabhail ri poilitigs na làimhe deise a th' ann an Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd).[1] Tha am pàrtaidh seo air a bhith na phàrtaidh as motha san dùthaich gu ìre mhòr stèidhichte air na bhòtaichean taghaidh a fhuair e ann an taghaidhean gach cuid don Alþingi (pàrlamaid) agus do chomhairlean ionadail. 'S e Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd cuideachd am pàrtaidh aig a bheil a' mhòr-chuid de bhuill clàraichte do phàrtaidh sam bith san dùthaich. B' e 48.0% am figear as motha a fhuair iad a-riamh, air ais ann an 1933, ach b' e a' chuid bu mhiosa ann an 2009 nuair bach d'fhuair iad ach 23.7% às deidh tuiteam bancaidh ann an Innis Tìle as t-fhoghar 2008. Tha Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd air pàirt a ghabhail ann an 22 de na 31 riaghaltasan a chaidh a chruthachadh on a chaidh am pàrtaidh fhèin a stèidheachadh ann an 1929, agus a thug seachad 15 dhiubh.[2] Bha Sjálfstæðisflokkurinn anns an riaghaltas ann an co-bhann le Alþýðuflokkurinn bho 1959 gu ruige 1971. Tha e air a bhith a' leantainn cha mhòr 45% anns a' bhaile agus riaghaltas ionadail bho chaidh a stèidheachadh. Ann an Reykjavík, bha mòr-chuid fìor aig a' phàrtaidh airson deicheadan, suas gu 1978 agus a-rithist bho 1982 gu 1994. Tha Sjálfstæðisflokkurinn san riaghaltas ann an co-bhann còmhla ri Vinstrihreyfingin - grænt framboð agus Framsóknarflokkurinn. Dh'fhàg Þorgerður Katrín Gunnarsdóttir, a bha na ministear dà thuras, am pàrtaidh ann an 2016.
Bliadhna | Bhòtaichean | % | Seataichean |
---|---|---|---|
1999 | 67,513 | 40.7% | 26 |
2003 | 61,701 | 33.68% | 22 |
2007 | 66,754 | 36.64% | 25 |
2009 | 44,371 | 23.70% | 16 |
2013 | 50,454 | 26.70% | 19 |
2016 | 54,990 | 29.00% | 21 |
2017 | 49,543 | 25.20% | 16 |
Prìomh-mhinistearan
deasaichTha naoinear Forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) air a bhith aige gu ruige seo:
- Ólafur Tryggvason Thors: 1942, 1944 - 1947, 1949 - 1950, 1953 - 1956, 1959 - 1961 agus 1962 - 1963
- Bjarni Benediktsson: 1963 - 1971
- Jóhann Hafstein: 1970 - 1971
- Geir Hallgrímsson: 1974 - 1978
- Gunnar Thoroddsen: 1980 - 1983
- Þorsteinn Pálsson: 1987 - 1988
- Davíð Oddsson: 1989 - 2004
- Geir Hilmar Haarde: 2006 - 2009
- Bjarni Benediktsson: 2017
Ceanglaichean a-muigh
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Parties and Elections
- ↑ Unabhängigkeitspartei z. B. in: Jón R. Hjálmarsson: Die Geschichte Islands. Iceland Review, Reykjavík 1994, ISBN 9979-51-093-5, S. 165.