Aachen
Co-chomharran: 50°47′00″N 6°05′00″E / 50.783333°N 6.083333°E
Aachen Oche
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Nordrhein-Westfalen | ||||
Sgìre | Städteregion Aachen | ||||
Co-chomharran | 50° 46' 36' T 06° 05' 01' E | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 160.85 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 241,683 (2013) | ||||
Dlùths | 1,502.54/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 0241, 02403, 02405, 02407 agus 02408 | ||||
Duilleag oifigeil | A'Chomhairle |
'S e baile anns a' Ghearmailt a th' ann an Aachen (Ainm slàn Bad Aachen,[1] Öcher Platt/Dual-chainnt Aachen: Oche). Tha e suidhichte ann an taobh an iar na Ghearmailte, far a bheil crìochan na Gearmailte, nan Tìrean Ìsle agus na Beilg a' coinneachadh. 'S e spatha a th' ann. Thàinig an t-ainm Aachen bhon fhreumh-fhacal Ghearmaineach "ahwō" agus tha e a' ciallachadh "uisge". B' e "Aquisgranum" an t-ainm Ròmanach a bh' air: "Uisge na Grannois".[2] B' e dia Ceilteach na leighis a bha ann an Grannos. Tha tobraichean tethe ann an Aachen.[3] Tha cumhachdan leighis aca.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bha a' chiad àite-fuirich ann an Linn ùr na Cloiche. Bha mèinnearachd Ceilteach ann an Linn an Umha an seo. Thog na Ròmanaich àite-failcidh air na tobraichean teasach. An ceann na 8mh linne thàg rìgh Teàrlach Mòr Aachen airson an rath a b' fheàrr aige. Thog e cille, "Pfalzkapelle" agus pàlas impireil. An-diugh tha talla a' bhaile ann an àite a' phàlais agus tha am "Pfalzkapelle" pàirt na h-àrd eaglaise "Aachener Dom".[4] Fhuair Teàrlach Mòr taise à Ierusalem agus tha taistealachd ainmeil "Heiligtumsfahrt" ann an Aachen ann a h-uile seachdamh bliadhna.[5] Tha an "Aachener Dom" air Liosta Làrach Dhualchas na Cruinne.
Aachen an-diugh
[deasaich | deasaich an tùs]Bidh duais "Karlspreis" ann airson a' chuid obrach ro aonachd na Roinn-Eòrpa a h-uile bliadhna deasghabhail ann an talla a' bhaile.[6] 'S e "RWTH Aachen" an t-oilthigh cliùiteach ann an Aachen.[7] Bidh co-fharpais eadar-nàiseanta airson marcadh "CHIO Aachen" a' tachairt a h-uile samhradh.[8] 'S e Alemannia Aachen a th' ann sgioba ball-coise a' bhaile.[9] Tha an raon aca Tivoli ri taobh an raoin CHIO anns a' cheàrn Soers
Ainm a' bhaile ann an cànanan eile
[deasaich | deasaich an tùs]Thathar a' cleachdadh tòrr dhreach an ainm anns na dùthchannan air iomall na Gearmailte, mar a leanas:
Cànan | Ainm | IPA |
---|---|---|
Gearmailtis | Aachen | [ˈaːxən] |
Fraingis | Aix-la-Chapelle | [ˌɛkslaʃaˈpɛl] |
Laideann | Aquae Granni, Aquisgranum[10] | |
Spàinntis | Aquisgrán | [akizˈɣɾan] |
Lucsamburgais | Oochen | [ˈɔːxən] |
Duitsis | Aken | [ˈaːkən] |
Seacais | Cáchy | [t͡saxɪ] |
Pòlais | Akwizgran | [aˈkfʲizɡrãn] |
Eadailtis | Aquisgrana | akwizˈɡraːna |
Ruisis | Ахен |
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Dual-chainnt
[deasaich | deasaich an tùs]'S e Öcher Platt a tha ann an dual-chainnt Aachen. 'S e cànan Ripuarach a th' innte. Tha mòran òranan dualchasach traidiseanta anns an Öcher Platt, m.e. an "laoidh" neo-oifigeil Aachen, "Vür sönd allemoele Öcher Jonge" [11] ('S e bàlaichean Aachen a th' annainn uile gu léir).
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Aachener Dom
-
Talla a' bhaile Aachen
-
Cladhach àrc-eòlais Aachen
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Gesetzliche Grundlage: Staatliche Anerkennung von Kurorten - Aachen (Monheimsallee und Burtscheid) - Erlass des Ministers für Arbeit, Gesundheit und Soziales vom 12. September 1974 — VI B 3 — 56.01.01, Andrea Herch: Bad Aachen. In: Werner Käß und Hanna Käß (Hrsg.): Deutsches Bäderbuch, Gebrüder Borntraeger Verlag, 2008, ISBN 3-510-65241-X, S.207.
- ↑ Thomas Urso (1990). Toponomastica Bibliografica. Guida ai nomi dei luoghi di stampa fino al 1799. Florentiae: Leo S. Olschki Editore; p. 21.
- ↑ Carolus Thermen
- ↑ Aachendom
- ↑ Heiligtumsfahrt
- ↑ Karlspreis
- ↑ Oilthigh RWTH Aachen
- ↑ CHIO
- ↑ Alemannia Aachen
- ↑ Aquisgranum
- ↑ Meinolf Buschulte, Richard Wollgarten: Öcher Liederbuch. Öcher Platt e.V. Aachen, 2009
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Urbs aquensis - Laoidh oifigeil Aachen (Laideann)
- Vür sönd allemoele Öcher Jonge - Laoidh neo-oifigeil Aachen (Öcher Platt)