Alexandru Ioan Cuza
Alexandru Ioan Cuza | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
24 dhen Fhaoilleach 1862 - 23 dhen Ghearran 1866 ← no value - Carol I of Romania (en) → | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Bârlad, 20 dhen Mhàrt 1820 | ||||||
Dùthaich |
Principality of Moldavia Wallachia United Principalities of Moldavia and Wallachia | ||||||
Bàs | Heidelberg, 15 dhen Chèitean 1873 | ||||||
Àite-adhlacaidh |
Trei Ierarhi Monastery (en) Voinești (en) | ||||||
Teaghlach | |||||||
Athair | Ioan Cuza | ||||||
Màthair | Sultana Cozadini | ||||||
Cèile | Elena Cuza (en) (1844 - unknown value) | ||||||
Càraid | Marija Obrenović (en) | ||||||
Clann |
liosta
| ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam | Oilthigh Pharas | ||||||
Cànain |
Fraingis Romàinis | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, oifigear, rèabhlaideach agus lagh-eòlaiche | ||||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||||
Creideamh | |||||||
Creideamh | Eaglais Ortodogsach Romàinia | ||||||
B' e oifigear an airm, rèabhlaideach, neach-poileataigs agus prionnsa à Romàinia a bh' ann an Alexandru Ioan Cuza (IPA: ˈalekˈsandru iˈo̯aŋ ˈkuza, Bârlad, 20 am Màrt 1820 - Heidelberg, 15 an Cèitean 1873).[1] Bhuinneadh e do theaghlach Ortodogsach iar-fhlaitheach - bha athair na uachdaran-fearainn (Romàinis: boyar) roimhe. Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh Pharis agus phòs e aig Elena Rosetti à Iași ann an 1844.[2] Chaidh ainmeachadh Domnitor (Gàidhlig: riaghladair) ann an aonadh pearsanta rìoghail an dà chuid air Moldobha agus Țara Românească ann an 1859.[3] B' ann mar seo a chaidh Principatele Unite (Gàidhlig: Prionnsalachdan Aonaichte) agus an uair sin Romàinia a chruthachadh. Mar Riaghladair nam Prionnsalachdan Aonaichte, thug e taic dhan iomairt phoileataigeach agus dioplomasach a dh'iarradh air Impireachd nan Otomanach - an stàit àrd-uachdaran os cionn nam Prionnsalachdan fad linntean - gun aithnicheadh i aonadh Moldobha agus Țara Românească. Mu dheireadh thall, ann an 1862, b' urrainn do Chuza aonadh rianachail agus bun-reachdail nam Prionnsalachdan ann an aon stàit le a prìomh-bhaile agus a pàrlamaid ann am Bucharest ruigsinn.[4] Chuir a dhealas airson ath-leasachadh poileataigeach agus sòisealta na Tòraidhich agus Libearalaich raidigeach na aghaidh, a' mhòr-chuid dhuibh uachdarain-fearainn agus luchd-gnothaich às a' chlas Chalpasach. Air 22 an Gearran 1866, thugadh airsan crùn a leigeil dhe agus b' fheudar dha an dùthaich fhàgail. Chaochail e thall thairis ann an Heidelberg ann an 1873.[5]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Dumitru Ivănescu, Unirea Principatelor. Momente, fapte, protagoniști, Iași, 2005.
- ↑ Petre Otu,"«Adevărul rămâne oricare ar fi soarta celor care l-au servit». Gh.I.Brătianu — un istoric printre politicieni", Dosarele Istoriei, 1/VI, 2001.
- ↑ Florin Constantiniu, O istorie sinceră a poporului român, Univers Enciclopedic, Bucharest, 1997.
- ↑ Constantin Bacalbașa, Bucureștii de altădată, vol. I (1871-1877). Ediție îngrijită de Aristița și Tiberiu Avramescu, Editura Eminescu, Bucharest, 1987.
- ↑ Dumitru Ivănescu, Alexandru Ioan Cuza în conștiința posterității, Editura Junimea, Iași, 2001.