Jump to content

Ana Pauker

O Uicipeid
Ana Pauker
Minister of Foreign Affairs of Romania (en) Translate

30 dhen Dùbhlachd 1947 - 9 dhen Iuchar 1952
Gheorghe Tătărescu (mul) Translate - Simion Bughici (mul) Translate
Beatha
Ainm slàn Hannah Rabinsohn
Breith Vaslui County (en) Translate, 13 dhen Dùbhlachd 1893
Dùthaich Romanian People's Republic
 An t-Aonadh Sobhiatach
Àite-fuirich Bucharest
Moscobha
Bàs Bucharest, 3 dhen Ògmhios 1960
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (stad a' chridhe)
Teaghlach
Cèile Marcel Pauker
Foghlam
Foghlam Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin
Cànain Romàinis
Ruisis
Eabhra
Fraingis
Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, neach-teagaisg, eadar-theangair, dioplomat agus tailor (en) Translate
Àitichean-obrach Paris, Moscobha, Bucharest agus Volga German Autonomous Soviet Socialist Republic (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Seirbheis san arm
Ìre còirneal
Strì An Dàrna Cogadh
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Romanian Workers' Party (en) Translate
Pàrtaidh Comannach an Aonaidh Shobhiataich
Pàrtaidh Comannach na Frainge

B' e eadar-theangair, neach-teagaisg agus neach-poileataigs Comannach Stalineach à Romàinia a bh' ann an Ana Pauker (ainm-breithe: Hannah Rabinsohn, Codăești, 13 an Gearran 1893 - Bucharest, 3 an t-Ògmhios 1960).[1] Rugadh agus thogadh i ann am Vaslui agus bhuinneadh i do theaghlach Clas-obrach Iùdhach gu math bochd: bha a h-athair na spadair ann an sionagog. Fhuair i a cuid fhoghlaim aig Oilthigh Gheneva, Oilthigh Mhosco agus san Sgoil Eadar-nàiseanta Lenin. Ghabh i ann am Pàrtaidh Comunnach Romàinia ann an 1921 ach chaidh a chur an greim ann an 1923 agus 1924 air adhbharan poileataigeach. B' fheudar dhi an dùthaich fhàgail agus theich i agus an duine aice thall thairis nam fògarrach dhan Aonadh Sobhiatach. Chaidh ise a chur an greim sa phrìosan Liubianka ann am Mosgo fad greiseag ann an 1938, aig àm Purcaid Mhòr Stalineach.[2] Thill i gu Romàinia an cois an Airm Deirge an dèidh An Dàrna Cogaidh.[3] Bha e na àrd-rùnaire neo-oifigeil a' Phàirtidh agus b' i a' chiad thè ann an eachdraidh na cruinne a bhith na Ministear nan Dùthchannan Cèin. Bha an Securitate a stèidheachadh fhad 's a bha i os cionn a' Phàirtidh. Bha i a-riamh ann ann strì an aghaidh Elek Köblös taobh a-staigh a' Phàirtidh. Chaill i a dreuchd ann am purgaid nan Iùdhach às a' Phàrtaidh ann an 1952. Chaochail i le aillse ann am Bucharest ann an 1960. Chreideadh Pauker gum bu chòir do ghach uile ar-a-mach agus atharrachadh poiliteagach a bhith fo stiùir mion-chuid Stalinich proifeiseanta, an treabh dham buinneadh ise fhèin.[4] Cha robh i a-riamh air a h-ath-ghnàthachadh an dèidh bàis air sgàth gur e boireannach agus Iùdhach a bh'innte.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Robert Levy, Ana Pauker: The Rise and Fall of a Jewish Communist, Berkeley: UCP, 2001, ISBN 0-520-22395-0.
  2. Branko Lazitch with Milorad M. Drachkovitch, Biographical Dictionary of the Comintern: New, Revised, and Expanded Edition. Stanford, CA: Hoover Institution Press, 1986.
  3. Cioroianu, Adrian (2005). Pe umerii lui Marx. O introducere în istoria comunismului românesc. Bucharest: Editura Curtea Veche. ISBN 973-669-175-6.
  4. Tismaneanu, V, The Tragicomedy of the Romanian Communist Party, East European Politics and Societies, 1989.