Jump to content

Bàrr na Driseig

O Uicipeid
Bàrr na Driseig

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 14′ 20″ Tuath
03° 46′ 01″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,674 (2011)
Àireamh fòn 01848
Duilleag oifigeil Bàrr na Dris aig Visit Scotland

'S e baile faisg air Dùn Sgoir agus Am Mòine Naomh ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha ann am Bàrr na Dris[1] neo Bàrr na Driseige[2] no Bàrr na Driseig[3] (Beurla: Thornhill). Tha e suidhichte aig 17m os cionn ìre na mara,[4] air an àirde an ear Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Cill Osbairn agus An t-Seann Chathair, ri taobh na h-Aibhne Nid.[5] Tha e 236km air falbh bho Obar Dheathain, 75km bho Ghlaschu, 22km bho Dhùn Phrìs agus 87km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[6] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda an dà chànan aig a’ mhòr-chuid ann am Bàrr na Dris. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha an t-àite làn seirbheisean dhen a h-uile sheòrsa. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil agus àrd-sgoil[7] ann. Tha 1,674 duine a' fuireach an seo.[8]

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite bàrr- ann an ceann a deas na dùthcha.

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1664 mar bhaile-malairt ach bha daoine a' fuireach an seo roimhe sin. Tha Caisteal Drumlanrig faisg air Bàrr na Dris. Chaidh an caisteal a thogail eadar 1684 agus 1691 agus 's ann le Diùc Buccleuch an-diugh. Chaidh Na Seumasaich seachad air Bàrr na Dris air an t-seann rathad shuas gu tuath ann an 1746, an dèidh dhaibh Sasainn fhàgail.[9] Shàth iad dealbh Uilleim II anns a' Chaisteal le sgian. A-rèir carragh-chuimhne san eaglais, fhuair 60 duine às a' pharraist bàs sa Chogadh Mòr[10] agus trì duine deug eile san Dàrna Cogadh.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Alba le Roy Pedersen
  2. Stòr-dàta SMO
  3. Thornhill/Bàrr na Driseig”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 28mh dhen Mhàrt 2017.
  4. Falling Rain
  5. River Nith Fishings
  6. Distance From
  7. A' Chomhairle
  8. City Population
  9. Am Baile[dead link]
  10. Scottish War Memorials Project
  11. Dictionary of Scottish Architects: McLachan
  12. London Gazette
  13. Queen of the South
  14. Who's Who, 2008: Lunnainn, A & C Black, ISBN 978-0-7136-8555-8

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NX 877 953
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: