Casg leatruim
Coltas
'S e crìochnachadh leatromachd a tha ann an casg leatruim.
Tha casg leatruim laghail ann an Alba on Achd Casg Leatruim (1967). Chan eil casg leatruim ri fhaighinn air iarrtas. Feumaidh dà lighiche aontachadh ri chèile air adhbhar anns na Riaghailtean Casg Leatruim (Alba) (1991) is fios a thoirt do dh'Àrd-Oifigear Slàinte na h-Alba.[1] B' e cumhachd ghlèidhte fo chùram Westminster a bha ann an casg leatruim ron Achd na h-Alba (2016) air sgàth 's gun do chreid am Prìomhaire, Tony Blair, gum biodh buaidh mhòr na h-eaglaisean air a' phàrlamaid ùr. Chaidh an lagh atharrachadh mar phàirt den ath-leasachaidhean an dèidh do Choimisean Mac a' Ghobhainn.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Sexual Health | Abortions”. Public Health Scotland. Air a thogail 27mh dhen t-Sultain 2021.
- ↑ Nutt, Kathleen: “Tony Blair overruled Donald Dewar on devolving abortion powers to Scotland”, The National. 20mh dhen Iuchar 2021. Air a thogail 27mh dhen t-Sultain 2021.