Jump to content

Cearrara

O Uicipeid
Còrsa an ear Chearrara
Caisteal nan Geimhlean

'S e aon de na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Cearrara (IPA: [ˈkʰʲɛrˠəɾə], Beurla: Kerrera)".[1] Tha e suidhichte air àird an iar na h-Alba, faisg air an Oban. Tha e ceangailte ri tìr-mòr le aiseagan a tha a’ ruith eadar an eilean agus Dùn Uabairtich. 'S e seo na Co-chomharran aige: 56° 24′ 0″ Tuath is 5° 32′ 0″ Iar.

Tha Cearrara mu 1,214 heactair ceàrnagach de mheud. ‘S e Carn Breugach an t-àite as àirde anns an eilean, tha e 189 meatair (620 troigh) os cionn na mara.

Anns a’ bhliadhna 2001 bha 42 duine a’ fuireach an seo[2] agus a rèir cunntas-sluaigh 2011 cha robh ach 34 duine a' fuireach anns an eilean.[3] Tha àiteachas aon de na gnìomhairean as cudthromaiche anns an eilean.

Thàinig an t-ainm Cearrara bhon fhacal Seann Lochlannais "Kjarbar-oy" neo "ciarr-oy".[2]

Tha Cearrara ainmeil airson a’ chaisteil aige. Chaidh "Caisteal nan Geimhlean" (Beurla: Gylen Castle) a thogail anns a’ bhliadhna 1587 le Donnchadh MacDhùghaill. Tha an caisteal fosgailte do luchd turais, tha cafaidh faisg air.

Chaochail an Rìgh Alasdair II na h-Alba ann an Cearrara ann an 1249.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 69, Pàrlamaid na h-Alba
  2. 2.0 2.1 Haswell-Smith, Hamish (2008) The Scottish Islands, duilleag 84, Canongate, Dùn Èideann ISBN 9781847672773.
  3. National Records of Scotland 2011 Census Earr-ràdh 2: Population and households on Scotland’s inhabited islands (PDF). Air a tharraing 10 an Lùnastal 2015

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NM 820 287