Clach chruth-atharrachail
Coltas
Canar clach chruth-atharrachail ri cloich aig an robh cruth na cloiche tùsanach ag atharrachadh fo bhuaidh a' phròiseas "metamorphism" (atharraich den chruth).
Ann an eòlas-talmhainn bhiodh sin a' tachairt fo teas eadar 150° is 200°C agus fo bhrùthadh na bu mhotha na 1500 bars, gheibhte atharrachaidhean fiosaigeach a bhiodh maireannach. Bhiodh meud nan clachan ag atharrachadh agus bhiodh gluasad a' phàtrain mhòir, mar a bhios iad nan laighe, ann. Biodh am pàtran no an structar am broinn nan clachan air caochladh gu mòr cuideachd.
Tha iomadh adhbhar ann airson a' phròiseas seo:
- Nam biodh na clachan ìosal gu leòr fo bharr an talmhainn, far a bheil brùthadh gu leòr ann agus ìre-teothachd àrd gu leòr.
- Nam biodh tìrean mòra a' bualadh ri chèile. (pròiseas tectonic)
- Nam biodh magma bho bhroinn na talmhainn a' teasachadh nan clachan.
Seo cuid de na h-eisimpleirean: