Fribourg
Fribourg/Freiburg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Eilbheis | ||||
Roinn Eilbheiseach | Fribourg/Freiburg | ||||
Cànan | Fraingis/Gearmailtis | ||||
Co-chomharran | 46° 48 00′ Tuath 07° 09 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 9.3 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 34,897 (2010) | ||||
Dlùths | 3,752.37/km² | ||||
Àireamh fòn | + 41 26 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.ville-fribourg.ch |
‘S e baile mòr ann an air an àirde an iar na h-Eilbheis a th’ ann am Fribourg (IPA: fribwa, Gearmailtis Freiburg is IPA: fribʊrg, Eadailtis: Friburgo/Friborgo, Rumantsch: Friburg). Tha e suidhichte aig 543m os cionn ìre na mara[1] ri taobh na h-aibhne Sarine, anns an roinn (Fraingis: Canton) Fribourg. Tha Fribourg 123km air falbh bho Zürich, 100km bho Ghenève, 92Km bho Luzern agus dìreach 28km bho Bhern, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 34,897 duine a’ fuireach anns a’ bhaile. ‘S e an 15mh baile na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh.[3] ‘S e Fraingis an cànan a tha aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Fribourg (63.6%) ach tha Gearmailtis aig 21.2% cuideachd.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1174 le Berchtold IV von Zähringen agus chaidh an t-Oilthigh a stèidheachadh ann an 1582. Bhuineadh am baile gu Poblachd Rhodàinia bho 1802 gu ruige 1810.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Johann Jakob Hess (1866 – 1949): Eòlaiche na h-Èiphit.
- Jean Tinguely (1925 – 1991): Dealbhadair.
- Carl Rütti (1949): Cèoladair.
- Anne-Lise Thurler (1960 – 2008): Sgrìobhadair.
- Claude Longchamp (1957: Seanaiche.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Bailtean eile leis an aon ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Roinn Eòrpa
[deasaich | deasaich an tùs]- Freiburg im Breisgau, (Baden-Württemberg), sa Ghearmailt, baile eile nan Zähringen.
- Freiburg an der Elbe, (Sagsainn Iosail) sa Ghearmailt.
- Freyburg, (Sagsainn-Anhalt), sa Ghearmailt.
- Fribourg, Moselle, san Fhraing.
- Friburge, Rhône-Alpes, san Fhraing, clachan faisg air Champagny-en-Vanoise. S’ dòcha gu bheil an t-ainm sin a’ ciallachadh Baile Fuar).[7]
- Świebodzice, sa Phòlainn, seann Freiburg in Schlesien ron Dàrna Cogadh.
- Frymburk, An t-Seic.
Aimearagaidh
[deasaich | deasaich an tùs]- Nova Friburgo, Rio de Janeiro, Braisil, air a stèidheachadh ann an 1818 le daoine à Fribourg fhèin.
- Fraiburgo, Santa Catarina, Braisil.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Nova Friburgo
- ↑ Rueil-Maison
- ↑ Zähringerstädte
- ↑ Frère des cimes: Cent paroles, Mille secrets, Geneviève Ruffier Lanche, ISBN 102842062698