Moysey Fishbein
Coltas
Moysey Fishbein | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Chernivtsi, 1 dhen Dùbhlachd 1946 |
Dùthaich | An Ucràin |
Bàs | 26 dhen Chèitean 2020 |
Foghlam | |
Foghlam | National Pedagogical Dragomanov University (en) |
Cànain | Ucràinis |
Dreuchd | |
Dreuchd | cànanaiche, eadar-theangair, sgrìobhadair agus bàrd |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
mosesfishbein.blogspot.com |
B' e bàrd, cànanaiche, eadar-theangair, neach-iomairt agus sgrìobhadair Iùdhach às An Ucràin a bh' ann am Moysey (Moses) Abramovich Fishbein (Ucràinis: Мойсей Абрамович Фішбейн, Chernivtsi 1 an Dùbhlachd 1946, Kyiv, 16 an Cèitean, 2020).[1] B' ann le nàiseantachas Ucràineach a ghabhadh e. Fhuair e a chuid foghlaim san Oilthigh Nàiseanta Eòlas-teagaisg Dragomanov ann an Kyiv, far an tug e ceum ann an eòlas-chànan ann an 1976. Thug am bàrd Mykola Bazhan buaidh uabhasach fhèin làidir air Fishbein. B' fheudar dha a theich dh' Iosrael ann an 1979, air sgàth 's gu robh e an aghaidh riaghltas Aonaidh Sobhiataich, ach dh' fhalbh a dhan A' Ghearmailt ann an 1982. Thill e dhan Ucràin nuair a thuit An t-Aonadh Sobhiatach a-mach à chèile.[2]
Obair
[deasaich | deasaich an tùs]- «Ямбове коло» (Cearcall Iambic), Molod, Кyiv, 1974.
- «Збірка без назви» (Cruinneachadh gun ainm), Wayback Machine, Eabhraig Nuadh, 1984.
- «Дивний сад». (Gàrradh neònach), Veselka, Кyiv, 1991, ISBN 5-301-01565-6.
- «Апокриф» (Apocrypha), Dnipro, Кyiv, 1996, ISBN 966-507-004-5.
- «Розпорошені тіні» (Faileas sgaoilte), Kalvariya, Lviv, 2001, ISBN 966-7092-83-6.
- «Аферизми». (Aferisms), Fakt, Кyiv, 2003, ISBN 966-8408-18-7.
- «Ранній рай». (Pàrras tràth) Fakt, Кyiv, 2006, ISBN 966-359-108-0.
- «Пророк» (Fàidh) Lybid, Кyiv, 2017, ISBN 978-966-06-0727-9.