Jump to content

Murad II

O Uicipeid
Murad II
sultan Impireachd nan Otomanach

4 dhen Ògmhios 1421 - 1 dhen Lùnastal 1444
Mehmed I - Mehmed an Ceannsaiche
sultan Impireachd nan Otomanach

1 dhen t-Sultain 1446 - 12 dhen Ghearran 1451
Mehmed an Ceannsaiche - Mehmed an Ceannsaiche
Beatha
Breith Amasya, dhen Ògmhios 1404
Ciad chànan Ottoman Turkish (en) Translate
Bàs Edirne, 3 dhen Ghearran 1451
Àite-adhlacaidh Muradiye Complex (en) Translate
Teaghlach
Athair Mehmed I
Màthair Emine Hatun
Cèile Mara Branković (en) Translate
Hüma Hatun (en) Translate
Tacünnisa Hatice Halime Sultan Hatun (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Rìgh-shliochd nan Otomanach
Foghlam
Cànain Ottoman Turkish (en) Translate
Arabais
Peirsis
Dreuchd
Dreuchd riaghladair
Creideamh
Creideamh Ioslam

B' e siathamh Sultan Impireachd nan Otomanach a bh' ann am Murad II (ainm eile: Murād-ı sānī - 'uasal', Amasya An t-Ògmhios 1404Erdine 3 an Gearran 1451).[1] B' e an ceathramh mac Mehmed I agus Emine Hatun a bh' ann. Mar iomadh prionnsa nan Otomanach, thogadh e ann an Amasya agus b' ann an sin a fhuair e a chuid trèanaidh. Bha e os cionn na dùthcha dà thuras: bho 1421 gu ruige 1444 agus an uair sin bho 1446 gus a chaochail e ann an 1451. B' fheudar dha ar-a-mach am broinn na stàit a chur sìos, a bharrachd air cogaidhean air feadh na h-Impireachd.[2] Chuir e ruaig air feachdan Crìosdaidh aig an dàrna chath Kosovo Polje ann an 1448 agus chuairtich e Krujë, ann an Albàinia, cha do ghèill am baile dha. Leig e dheth an dreuchd ann an 1444 airson crùnadh a mhic Mehmed II ach thill ann an 1446 leis gun do sheas an arm na aghaidh.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. All About Turkey
  2. Peter F. Sugar, A History of East Central Europe: Southeastern Europe under Ottoman Rule, 1354-1804, Vol. 5, (University of Washington Press, 1996), 16.
  3. Kafadar, Cemal, Between Two Worlds, University of California Press, 1996, xix. ISBN 0-520-20600-2